Friday, July 19, 2019
The skye times mobile

Oifigear Leasachaidh airson nan Eilean Siar agus an Eilean Sgitheanaich
Tuarastal £26,462 - £30,098 (Ìre C3) gach bliadhna + peinnsean
Cùmhnant ùine-shuidhichte 12 mìosan, 37 uairean san t-seachdain


Tha cothrom air leth air èirigh airson neach adhartach a thighinn a dh’obair le Sgioba Leasachaidh MG ALBA.

’S e obair ùr a tha seo, air a mhaoineachadh ann an co-bhoinn ri Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE). Bidh an neach soirbheachail ag obair le MG ALBA agus na companaidhean neo-eisimeileach sna h-Eileanan an Iar agus san Eilean Sgitheanach, gus beachdan agus cothroman co-obrachaidh a rannsachadh agus a leasachadh gus cur ri eadar-nàiseanachadh riochdairean phrògraman Gàidhlig.  Tha sùbailteachd ann a thaobh suidheachadh na h-obrach agus faodaidh an obair a bhith stèidhichte ann an Steòrnabhagh, an t-Eilean Sgitheanach no Uibhist. 

A thuilleadh air eòlas dearbhte sna meadhanan Gàidhlig, bu chòir sgilean làidir coimeirsealta a bhith aig an neach agus an comas dàimhean-obrach làidir àrach taobh a-staigh na roinne agus am measg luchd-ùidhe.  Bhiodh eòlas air margaidh nam meadhanan gu h-eadar-nàiseanta na bhuannachd.  

Tha comas a bhith ag obrachadh gu sùbailte agus a bhith a’ siubhal tric deatamach.  Tha comas agus miann a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig deatamach san obair agus ’s i a’ Ghàidhlig cànan-obrach na h-oifis.

Ma tha ùidh agaibh san obair seo, gheibh sibh dealbh-obrach agus fios mun phròiseas iarrtais air làrach-lìn na buidhne aig www.mgalba.com.
mailto:This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chuir gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, air 01851 707219 no aig This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it..

Bu chòir tagraidhean foirmeil a bhith a-staigh ro 5f, Dihaoine 11 Samhain 2016.

An exciting and challenging opportunity has arisen for an ambitious individual to join the MG ALBA Development Team.  This is a new fixed-term post, jointly funded by HIE, and the successful candidate will work with MG ALBA and independent companies in Western Isles and Skye to research and develop ideas and collaborative opportunities to deliver internationalisation of content producers. Flexibility is offered in terms of location, and the post holder may be based in Stornoway, Skye, or Uist.

 

Site created by Intermedia Services (Stornoway) Ltd © 2017