Tuesday, October 15, 2019
The skye times mobile

A competition to promote Gaelic culture has been launched.

The Trustees of Urras Dhòmhnaill Iain have launched the competition in memory of Donald John MacKay, formerly Depute Chairman of Trustees and Project Development Manager at Sabhal Mòr Ostaig.

The competition marks the outstanding contribution made by Donald John to Gaelic and industrial development throughout the Highlands and Islands and is open to any student in Scotland, in full-time or part-time study, at further or higher education level, or working towards a doctorate. 

Mr MacKay had a long association with the work of Sabhal Mòr Ostaig, Lèirsinn Research Centre, An Comunn Gàidhealach, of which he was the first Director (1965-70), Comunn na Gàidhlig, British Alcan, the Harris Tweed Association, Highlands and Islands Development Board, and the Gaelic Society of Inverness, as well as a range of other organisations.

The competition is administered by Fèisean nan Gàidheal (FnG) on behalf of the Trust and all entries should contribute to the aims and objectives of the current National Gaelic Language Plan and align to the aims and objects of the Trust. Entries must be from individuals and will be judged by a panel including a representative of the MacKay family, one Trustee, one representative of FnG and up to two other independent assessors. The panel will evaluate the winning entries to ascertain the possibility of further development.

The winner of the inaugural award in 2018 was Sharon Cooper, who is currently undertaking the production of a book and exhibition of prints, rubbings and cyanotypes from plants and grasses, along with Gaelic text including their names and background notes.

Speaking on behalf of the Trustees, Hugh Dan MacLennan said: "The main aims of the competition are to promote all aspects of Gaelic culture; to promote education in and through the Gaelic language; to promote the study, appreciation and use of the Gaelic language; to encourage young people to continue the seminal work of revival which Donald John MacKay inspired; to enable young people throughout the Highlands and Islands to develop entrepreneurial skills; to build community confidence through strategic planning; and to facilitate social inclusion and lifelong learning. Donald John was a key figure in many Gaelic-related developments in the 20th and 21st centuries. This competition will enable young people to demonstrate innovative ideas, fresh thinking and develop personal interests."

The competition is now open with a deadline of Friday 4 October. Further details of the competition, including timescale, are available on the Fèisean nan Gàidheal website at http://www.feisean.org/en/djm/

Tha Urrasairean Urras Dhòmhnaill Iain - air farpais na bliadhna-sa a chur fo sheòl, mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacAoidh, a bha, am measg iomadh dreuchd eile, na Iar Chathraiche air Urrasairean agus na Mhanaidsear Leasachaidh Phròiseactan aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha an fharpais a' comharrachadh na h-obrach ionmholta a rinneadh le Dòmhnall Iain às-leth na Gàidhlig agus leasachaidhean gnìomhachais air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean. Faodaidh oileanach sam bith an Alba, làn-ùine no pàirt-ùine, an oilthigh no colaiste, tagradh chun na farpais.

Bha dlùth cheangal aig Dòmhnall Iain ri obair an t-Sabhail Mhòir, Ionad Rannsachaidh Lèirsinn, An Comunn Gàidhealach, (far an robh e na chiad Stiùiriche bho 1965-70), Comunn na Gàidhlig, Alcan Bhreatainn, Comann a Chlò Hearaich, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis fad bhliadhnaichean, a bharrachd air ceanglan ri buidhnean eile.

Thèid an fharpais a làimhseachadh a-rithist le Fèisean nan Gàidheal (FnG) às leth Urras Dhòmhnaill Iain agus bidh aig farpaisich ri na nì iad a cho-thaobhadh ri amasan agus cinn-uidhe Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an Urrais fhèin. Feumaidh tagraidhean tighinn bho oileanaich fa-leth agus thèid am measadh le panal a' gabhail a-staigh riochdaire bho theaghlach Dhòmhnaill Iain, aon Urrasair, riochdaire bho FnG agus suas gu dithis eile. Thèid na tagraidhean as fheàrr cuideachd a mheasadh leis na h-Urrasairean agus FnG feuch a bheil cothroman ann airson an tuilleadh leasachaidh.

B' i Sharon Cooper a ghlèidh a' chiad fharpais ann an 2018 agus tha i an-dràsta ag obair air leabhar agus taisbeanadh a chur ru chèile le dealbhan agus priontaichean de lusan agus feòir cuide ri ainmean agus teacsa Gàidhlig le barrachd fiosrachaidh mun dheidhinn.

A' bruidhinn às leth nan Urrasair, thuirt Ùisdean MacIllinnein, " 'S e prìomh amasan na farpais a bhith a' brosnachadh a h-uile meur is taobh de chultur na Gàidhlig; foghlam ann, agus tro Ghàidhlig a bhrosnachadh; misneachd a thoirt dhan fheadhainn a tha a' rannsachadh na Gàidhlig agus a' toirt air adhart an tuigse air cùisean Gàidhlig; òigridh air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean a mhisneachadh gu bhith a' leasachadh sgilean tionnsgain; neart choimhearsnachdan a thogail tro bhith nas ro-innleachdaile; agus a chuideachadh le ion-ghabhail sòisealta agus foghlam fad-bheatha. Bha Dòmhnall Iain fhèin mar aon fhear a bha gu math cudromach an iomadach leasachadh Gàidhlig anns an 20mh agus 21mh linn. Tha an fharpais seo mar chothrom do dh'òigridh an latha an-diugh iad fhèin a dhearbhadh le smuaintean ùra agus beachdan adhartach a nochdadh agus gach ùidh fa-leth a dh'fhaodadh a bhith aca a leasachadh."

Tha an fharpais a nis fosgailte le tagraidhean ri bhith a-staigh ro Dhihaoine 4 Dàmhair. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun fharpais agus clàr-ama is eile air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal aig http://www.feisean.org/dim/

 

 

Site created by Intermedia Services (Stornoway) Ltd © 2017