Saturday, September 21, 2019
The skye times mobile

A major exhibition entitled Wild and Majestic: Romantic Visions of Scotland will examine how Scotland gained its reputation as a land of wilderness, heroism and history.

Gaelic language and culture feature throughout the exhibition, with the main narrative presented in both English and Gaelic.

The event will also feature a partnership on Gaelic content between National Museums Scotland and Sabhal Mòr Ostaig.  

Experts from Sabhal Mòr Ostaig have also assisted on the panel texts which will be presented in both English and Gaelic.

Each section of the exhibition will include exploration of themes from a Gaelic-cultural perspective, and throughout the exhibition filmed interviews will reflect a range of perspectives, including Gaelic voices, on some contested historical themes about the period.

The exhibition explores the efforts made to protect and revive elements of Gaelic culture in the wake of the post-Culloden crisis in Highland society.

During this period, Scotland’s relationship with the European Romantic movement transformed external perceptions of the Highlands and was central to the birth of tourism in Scotland. These developments would in turn influence the relationship between the Hanoverian royal family and Scotland, particularly George IV and, later, Queen Victoria.

Over 300 objects will be on display, drawn from the collections of National Museums Scotland and 38 lenders across the UK. They tell a story with a stellar cast, including Queen Victoria and Prince Albert; King George IV; Sir Walter Scott; Robert Burns; JMW Turner; Henry Raeburn; Felix Mendelssohn; William and Dorothy Wordsworth; Ludwig Van Beethoven and Lord Byron, whose 1807 poem Lachin y Gair (Lochnagar) is quoted in the exhibition’s title.

Prominent Highlanders who feature include the Ossian author-translator James Macpherson, the soldier-historian David Stewart of Garth, the clan chief Mac Mhic Alasdair (Alasdair Macdonnel of Glengarry), and the folklorists Alasdair Gilleasbaig MacGilleMhìcheil (Alexander Carmichael) and Iain Òg Ìle (John Campbell of Islay).

Sabhal Mòr Ostaig is also lending to the exhibition a copy of the Gaelic version of Queen Victoria’s Highland journal, published in 1878.

Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart from Sabhal Mòr Ostaig said: “We at Sabhal Mòr Ostaig warmly welcome our partnership with National Museums Scotland. We value the opportunities involved in enhancing this landmark exhibition by illustrating the influential role played by Gaelic culture in providing essential ingredients to modern Scottish identity, an identity recognised and celebrated worldwide in art, literature, and song.”

The University of the Highlands and Islands will also contribute to the events programme, including an event with former Runrig frontman, Donnie Munro, in conversation with UHI’s Dr David Worthington.

The Wild and Majestic: Romantic Visions of Scotland will run from 26 June to 10 November 2019 in the National Museum of Scotland, Chambers Street, Edinburgh. 

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba agus Sabhal Mòr Ostaig, a' Cholaiste Ghàidhliganns an Eilean Sgitheanach a tha na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, air co-obrachadh a thoirt gu buil air susbaint an taisbeanaidh shamhraidh, Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh'Alba.

Bidh Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh'Alba a' sgrùdadh mar a chaidh Alba a stèidheachadh sa mhac-meanmna mar tìr nam beann, nan gleann 's nan gaisgeach, agus mar a mhaireadh an t-èideadh Gàidhealach, a' phìob mhòr agus na beanntan àrda nan samhlaidhean air fèin-aithne na h-Alba, a dh'aithnichear air feadh an domhain. Thèid an linn eadar call mòr nan Seumasach air Blàr Chùil Lodair ann an 1746 agus bàs na Bànrigh Bhictòria ann an 1901 a thaisbeanadh.

Tha cànan agus cultar nan Gàidheal rim faicinn air feadh an taisbeanaidh seo agus aithris an taisbeanaidh ri chluinntinn anns an dà chànan. Thathar a' sgrùdadh nan oidhirpean anns an robh eileamaidean den chultar Ghàidhealach gan gleidheadh is ath-bheothachadh an dèidh aramach nan Seumasach. Anns an linn seo, chaidh beachdan a' mhòr-shluaigh Bhreatannaich is Eòrpaich atharrachadh gu tur mar thoradh air a' cheangal eadar Alba agus an gluasad Romansach. 'S ann air seo a bhiodh na ciad iomairtean turasachd ann an Alba stèidhichte agus bheireadh seo buaidh air an dàimh eadar Alba agus teaghlach rìoghail Hanòbhair, gu h-àraid Seòras IV agus a' Bhànrigh Bhictòria.

Thuirt Dr Stuart Allan, Glèidheadair Eachdraidh is Arc-eòlas na h-Alba aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba:

"'S e toileachas mòr a th' ann dhuinn a bhith a' co-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig air an taisbeanadh seo. Tha sàr eòlas ar co-obraichean aig an t-Sabhal, Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Proifeasair Ùisdean Cheape, air sealladh luachmhor a thoirt don sgeul, agus sinn an dòchas gum faigh luchd-tadhail an taisbeanaidh eòlas ùr air linn inntinneach aimhreiteach san eachdraidh againn."

Thuirt Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Sabhal Mòr Ostaig:

"Tha sinn fhèin aig Sabhal Mòr Ostaig a' cur fàilte bhlàth chridheil air a' chom-pàirteachas le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba. Tha sinn a' cur luach air na cothroman an lùib leudachadh an taisbeanaidh seo agus sinn a' mìneachadh dè cho cudromach 's a bha an cultar Gàidhealach nuair a chaidh fèin-aithne nuadh na h-Alba a dhealbhadh, cultar a dh'aithnichear air feadh an t-saoghail nar cuid ealain, litreachais is ciùil."

Tha eòlaichean aig an t-Sabhal Mhòr air comhairle a chumail air teacsa nam pannalan a thèid taisbeanadh anns a' Bheurla agus anns a' Ghàidhlig. Bidh gach roinn den taisbeanadh a' sgrùdadh nan cuspairean bho shealladh Gàidhealach, agus chithear agallamhan air feadh an taisbeanaidh le caochladh bheachdan, agus Gàidheil nam measg, air cuid de chonnspaidean eachdraidheil an linn.

Bidh còrr is 300 nì bho chruinneachaidhean Thaighean-tasgaidh Nàiseanta Alba agus 38 luchd-iasaid air feadh na rìoghachd gan taisbeanadh. Bidh iad a' mìneachadh sgeul anns a bheil daoine barraichte mar a' Bhànrigh Bhictòria agus am Prionnsa Albert; an Rìgh Seòras IV; Sir Walter Scott; Robert Burns; JMW Turner; Henry Raeburn; Felix Mendelssohn; William agus Dorothy Wordsworth; Ludwig Van Beethoven agus am Morair Byron, a rinn an dàn Lachin y Gair (Loch na Gàire) ann an 1807 bhon d' fhuaireadh tiotal an taisbeanaidh seo. Bidh Gàidheil ainmeil air an taisbeanadh cuideachd a leithid sgrìobhadair/eadar-theangaiche Oisein, Seumas Bàn MacMhuirich, an saighdear is eòlaiche eachdraidh, Daibhidh Stiubhart den Chloinn Duibh-shùilich, an ceann-cinnidh Mac Mhic Alasdair (Alasdair MacDhòmhnaill de Chloinn Dòmhnaill Ghlinne Garadh), agus an luchd beul-aithris, Alasdair Gilleasbaig MacGilleMhìcheil agus Iain Òg Ìle.

Tha na buidhnean a leanas às a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan am measg luchd-iasaid an taisbeanaidh, a th' air maoineachadh fhaighinn bho Baillie Gifford Investment Managers, Museum nan Eilean, Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Inbhir Nis, Taigh-tasgaidh an Fhreiceadain Duibh, Caisteal Bhlàir, Am Fasgadh - Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd, Urras Gleidhidh MhicDhùghaill Dhùn Olla agus An Comunn Gàidhealach. Tha Stèidheachd Uilleim Ghrannd a' cumail taic ri rannsachadh air an èideadh Ghàidhealach a chithear anns an taisbeanadh.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' toirt lethbhreac air iasad don taisbeanadh den dreach Gàidhlig de leabhar-latha na Bànrigh Bhictòria a chaidh fhoillseachadh ann an 1878.

Bidh na ceanglaichean eadar na nithean agus eachdraidh na Gàidhlig gan dealbhadh tron bheairteas a thèid taisbeanadh a leithid:

An Leabhar Dearg, sgrìobhte anns a' Ghàidhlig le bàird do Chloinn Raghnaill anns an 17mh is 18mh linntean, anns a bheil dàin, sinnsearachd agus eachdraidh Chloinn Dòmhnaill, chaidh an làmh-sgrìobhainn seo a chleachdadh le Seumas Bàn MacMhuirich nuair a bha e a' rannsachadh dàin Oisein

Bratach pìoba air a bheil briathran Gàidhlig leis an rèisimeid, Na h-Eilthirich Rìoghail Ghàidhealach, a chaidh a thogail do dh'Arm Bhreatainn ann an Aimeireaga a Tuath mun bhliadhna 1776

Bile naidheachd (1783) anns a bheil tagradh anns a' Ghàidhlig airson ais-ghairm na h-Achd Pàrlamaid (1747) a thoirmisg an t-Èideadh Gàidhealach

Faclair Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an 1828 agus a mhaoineachadh le Comunn Gàidhealach Lunnainn.

Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn, ann an riochd targaid Ghàidhealach agus air a h-ainmeachadh air dithis Sheumasach ainmeil agus i air a toirt seachad mar duais don chòisir as fheàrr aig a' Mhòd Nàiseanta bho 1903.

Site created by Intermedia Services (Stornoway) Ltd © 2017