Wednesday, July 17, 2019
The skye times mobile

A third Gaelic Language Plan has been published by the University of the Highlands and Islands.  

The document sets out the university's strategy for continuing to promote and develop the use of Gaelic through its practices, curriculum and communications until 2022.

Proposals include producing more bilingual resources, encouraging staff to learn Gaelic as part of their development plans and holding more Gaelic events.

The document will build on achievements made under the university's previous plans. During the 2014 to 2018 plan, the university expanded its Gaelic curriculum, developing a range of new programmes, including a BA (Hons) in Gaelic and education and Professional Graduate Diplomas for primary and secondary teacher education. It also worked with staff around the partnership to hold Gaelic awareness sessions and increase the use of Gaelic throughout the network. 

Professor Clive Mulholland, University of the Highlands and Islands Principal and Vice-Chancellor, explained the importance of the plan: "As the only university based in the Highlands and Islands of Scotland, we are intensely aware of our responsibilities to enhance the use and status of Gaelic. While we are proud of our achievements to date, we also are keen to build on these successes. The new plan demonstrates the university's continuing commitment to the Gaelic language."

Shona MacLennan, Chief Executive Officer at Bòrd na Gàidhlig, commented: "We very much welcome the University of the Highlands and Islands Gaelic Plan as this plan will support more people using Gaelic more often both within the organisation and with the public. University of the Highlands and Islands' courses and research are extremely important for learning Gaelic and for learning through the medium of Gaelic. In addition, the University of the Highlands and Islands is extremely important in retaining people in the Highlands and Islands and attracting others to the area."

The University of the Highlands and Islands' third Gaelic Language Plan has been prepared in line with statutory criteria set out in the Gaelic Language (Scotland) Act 2005 and included public consultation. It was approved by the national Gaelic development agency, Bòrd na Gàidhlig, in February. The plan can be viewed and downloaded at www.uhi.ac.uk/gaelicplan. Printed copies are also available on request.

Any questions about the plan can be directed to the university's Gaelic officer, DJ MacIntyre, on 01463 279350 or This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it..  

To find out more about the University of the Highlands and Islands Gaelic programmes, visit www.uhi.ac.uk/en/courses

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air an treasamh Plana Gàidhlig aca fhoillseachadh. Tha an sgrìobhainn a' mìneachadh ro-innleachd an oilthighe airson leantainn air adhart le leasachadh is adhartachadh air cleachdadh na Gàidhlig tro dhòighean-obrach, curraicealam agus conaltraidhean gu 2022. Tha molaidhean a' gabhail a-steach barrachd stòrasan dà-chànanach a thoirt gu buil, luchd-obrach a bhrosnachadh gu Gàidhlig ionnsachadh mar phàirt de am planaichean leasachaidh agus a bhith a' cumail barrachd thachartasan Gàidhlig.

Bidh an sgrìobhainn a' togail air coileanaidhean a bha soirbheachail fo na planaichean eile. Tro phlana 2014 gu 2018, leudaich an t-oilthigh an curraicealam Gàidhlig aca, a' leasachadh raon de phrògraman ùra a' gabhail a-steach BA (Urram) ann an Gàidhlig is Foghlam agus Dioplòma Cheumnaichean Proifeiseanta do luchd-teagaisg bun-sgoile is àrd-sgoile. Bha e ag obair cuideachd le luchd-obrach air feadh a' chom-pàirteachais gus seiseanan mothachaidh don Ghàidhlig a chumail agus cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh air feadh an lìonra.

Mhìnich an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, cudromachd a' phlana: "Mar an t-aon oilthigh a tha stèidhichte sa Ghàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba, tha sinn fìor mhothachail do ar dleastanasan a thaobh a bhith a' neartachadh cleachdadh agus inbhe na Gàidhlig. Fhad 's a tha sinn pròiseil às ar soirbheasan gu ruige seo, tha sinn cuideachd dèidheil air togail air na soirbheasan sin. Tha am plana ùr a' taisbeanadh dealas leantainneach an oilthighe a thaobh na Gàidhlig."

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: "Tha sinn a' cur fàilte air Plana Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean oir bidh am plana seo a' cur taic ri barrachd dhaoine le cleachdadh na Gàidhlig an dà chuid taobh a-staigh na buidhne agus gu poblach. Tha cùrsaichean agus rannsachadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air leth cudromach airson Gàidhlig ionnsachadh agus airson ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig. A thuilleadh air sin, tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dha-rìribh cudromach ann an cumail sluagh sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan agus ann an tarraing dhaoine eile don sgìre."

Tha an treasamh Plana Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air ullachadh ann an co-rèir ris na slatan-tomhais reachdail a tha mìnichte ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus co-chomhairleachadh poblach. Chuir Bòrd na Gàidhlig, am buidheann leasachaidh Gàidhlig nàiseanta, aonta ris sa Ghearran. Faodar am plana fhaicinn agus a luchdachadh sìos aig www.uhi.ac.uk/planagaidhlig. Tha lethbhreacan clò-bhuailte rim faotainn cuideachd le an iarraidh.

Faodaidh ceistean sam bith a thaobh a' phlana a chur gu Oifigear Gàidhlig an oilthighe, DJ Mac an t-Saoir, air 01463 279350 no This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it..  

Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu phrògraman Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/en/courses

Site created by Intermedia Services (Stornoway) Ltd © 2017