Thursday, November 15, 2018
The skye times mobile

Bòrd na Gàidhlig, the lead organisation responsible for the promotion of Gaelic in Scotland, has announced the appointment of two new members of staff in their Inverness and Fort William offices.

Tasha Madigan is from Uig on the Isle of Skye and after learning Gaelic at Portree High School, and graduating in Gaelic and History at the University of Aberdeen, Tasha recently completed a Gaelic and Communications course at Sabhal Mòr Ostaig. Tasha will be based in Bòrd na Gàidhlig’s Fort William office working as an Early Years Officer.

Christie MacLean is from Beauly and attended Charleston Academy in Inverness and then graduated with a degree in Gaelic and Development at Sabhal Mòr Ostaig and previously worked at Highlands and Islands Enterprise as a Graduate Gaelic Development Officer. Christie has taken up the post of Gaelic Plans Implementation Officer and will be based at Bòrd na Gàidhlig’s office in Great Glen House in Inverness.

Welcoming Tasha and Christie to Bòrd na Gàidhlig, Chief Executive Shona MacLennan said: “We are delighted to have Tasha and Christie join the team and I am sure that their talents will be put to good use in our work on the promotion and development of the Gaelic language, along with our partners.”

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dithis luchd-obrach ùr, Tasha Madigan agus Christie NicIllEathain, a tha air tòiseachadh aig a’ bhuidhinn.

’S ann à Ùige san Eilean Sgitheanach a tha Tasha Madigan. Thòisich i ag ionnsachadh Gàidhlig nuair a bha i aig Àrd-sgoil Phort Rìgh. Nuair a dh’fhàg i an Àrd-sgoil, ghluais i gu Obar Dheathain far an do rinn i ceum ann an Gàidhlig is Eachdraidh. Às dèidh ceithir bliadhna ann an Obar Dheathain, rinn Tasha an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig agus chuir i crìoch air a’ chùrsa sin sa Chèitean. Bidh Tasha stèidhichte sa Ghearasdan mar Oifigear Thràth-bhliadhnaichean. 

Thòisich Christie NicIllEathain san dreuchd Oifigear Buileachaidh Phlanaichean. ’S ann às a’ Mhanachainn a tha Christie a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich ann an Inbhir Nis. Rinn i ceum ann an Gàidhlig is Leasachadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus às dèidh sin bha i ag obair aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean mar Oifigear Leasachaidh Gàidhlig (Ceumnaiche). Tha Christie gu bhith stèidhichte ann an Inbhir Nis aig oifisean a’ Bhùird ann an Taigh a' Ghlinne Mhòir.

​​Chuir Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, fàilte air Christie agus Tasha agus i ag ràdh: “Tha sinn fior thoilichte gu bheil Christie agus Tasha gu bhith cur ris an obair a tha am Bòrd a’ dèanamh agus tha mi cinnteach gun tèid na tàlantan a th’aca a chur gu feum mòr ann a bhith coileanadh amasan a’ Bhùird airson na Gàidhlig.”

 

Site created by Intermedia Services (Stornoway) Ltd © 2017