Glasgow Life and Sleat's Sabhal Mòr Ostaig are embarking on a unique collaborative placement to look at Gaelic Arts from urban and rural contexts. 

This will see Glasgow Life’s Gaelic Arts Producer being based at the Gaelic college in Skye for a period of up to 12 weeks in the early part of 2017. 

The placement takes place as both organisations look afresh at their strategic plans for their Gaelic Arts programmes over the coming years.   Sabhal Mòr Ostaig is preparing to develop an Arts & Cultural strategy while simultaneously Glasgow Life, having recently completed an independent review of their work over the last three years, is carrying out consultation within the arts sector on their new Gaelic Arts Strategy [2017-20] for Glasgow. 

The collaborative placement will aim to find a synergy between the two organisations by researching new models of working, hosting a series of open conversations to provoke new thinking and building on areas where they can work collaboratively over the next strategic period.

Sabhal Mòr Principal, Professor Boyd Robertson said “We are firm believers in the benefits of partnerships and are thus delighted to host this collaborative placement with Glasgow Life. Ever eager to find new ways to promote and develop Gaelic Arts, this initiative fits very well with our new Strategic Plan for 2017-22 .  As the National Centre for Gaelic Language and Culture, we are always seeking to find innovative ways of working and breaking new ground and this collaboration offers the prospect of making new and exciting connections nationally.”

Councillor Archie Graham, OBE, Chair of Glasgow Life, said: “The Gaelic Arts programme at Glasgow Life has delivered a number of important projects over the last decade. We continue to strive to find new ways to deliver our service to people across Glasgow and visitors to the city. Working with Sabhal Mòr Ostaig, which has also been a sector leader in promoting and developing Gaelic Arts, will provide invaluable learning as both organisations look to develop our Gaelic Arts offerings.”

Tha Glaschu Beò agus Sabhal Mòr Ostaig gus tòiseachadh air greis-obrach àraid ann an com-pàirteachas a choimheadas ris na h-Ealainean Gàidhlig bho thaobh a' bhaile mhòir agus bho thaobh na Gàidhealtachd. Bidh Riochdaire nan Ealain Gàidhlig aig Glaschu Beò stèidhichte aig a' Cholaiste san Eilean Sgitheanach fad 12 sheachdain aig toiseach 2017 an lùib an sgeama greis-obrach.

Tha a' ghreis-obrach seo a' tachairt aig àm nuair a tha an dà bhuidhinn a' beachdachadh air na ro-innleachdan ealain Gàidhlig aca ùrachadh sna bliadhnaichean a tha romhainn. Bidh Sabhal Mòr Ostaig a' leasachadh a ro-innleachd Ealain is Cultair agus tha Glaschu Beò, an dèidh ath-sgrùdadh a choilionadh air an cuid obrach sna trì bliadhna roimhe, an sàs ann an co-chomhairleachadh ann an roinn nan ealain air Ro-innleachd Ealain Gàidhlig [2017-20] airson baile mòr Ghlaschu.

Bidh a' ghreis-obrach seo ag amas air com-pàirteachadh eadar an dà bhuidhinn a thoirt air adhart le bhith a' rannsachadh mhodailean ùra airson co-obrachaidh, air sreath chòmhraidhean fosgailte a chumail airson beachdan-smuain ùr a bhrosnachadh agus air roinnean ùra a leasachadh far an tèid aca air co-obrachadh còmhla tron àm ro-innleachdail a tha romhainn.

Thuirt Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan "Tha sinn a' creidsinn gu mòr anns na buannachdan an lùib com-pàirteachais agus tha e na thlachd dhuinne a' ghreis-obrach seo a chumail ann an co-bhonn le Glaschu Beò. Bha sinn a-riamh a' sireadh dhòighean ùra air na h-Ealain Gàidhlig a bhrosnachadh is a neartachadh agus tha an iomairt seo air leth freagarrach ri linn Ro-innleachd Ùr an t-Sabhail Mhòir 2017-22. Tha Sabhal Mòr Ostaig, mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, daonnan a' sireadh dhòighean obrach innleachdail agus airson a bhith air thoiseach agus tha cothroman air ceanglaichean ùra is inntinneach a dhèanamh an lùib a' chom-pàirteachais seo aig ìre nàiseanta."

Thuirt an Comhairliche Archie Greumach, OBE, Cathraiche Ghlaschu Beò: "Tha prògram nan Ealain Gàidhlig aig Glaschu Beò air grunn phròiseactan cudromach a thoirt gu buil anns na deich bliadhnaichean mu dheireadh. Bidh sinn an-còmhnaidh a' sireadh dhòighean ùra airson ar seirbheis a liubhairt do dhaoine air feadh Ghlaschu agus don luchd-tadhail againn. Bidh ionnsachadh riatanach an còis a' chom-pàirteachais seo le Sabhal Mòr Ostaig, a th' air a bhith air thoiseach san roinn seo a' brosnachadh is a' leasachadh nan Ealain Gàidhlig, agus tha an dà bhuidhinn a' sùileachadh ri na tha iad a' tairgsinn sna h-Ealainean Gàidhlig a leasachadh."